Dragh air gnìomhachas na turasachd ann am Barraigh
Tha dragh ann am Barraigh gu bheil mar a chaidh ionad VisitScotland san eilean a dhùnadh air droch bhuaidh a thoirt air turasachd.
Thuirt stiùiriche a' Bharrathon gu bheil aca fhèin a-nis ri daoine a chuideachadh airson àite-fuirich fhaighinn.
Le mìosan trang an t-samhraidh air fàire, dh'fhaodadh duilgheadas a bhith aig daoine ma nochdas iad gun àite-fuirich air a chur air dòigh, ged a tha Visit Scotland a' moladh do dhaoine gin sin a dhèanamh.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.