An SCF a' ruith cùrsa feansaidh do bhoireannaich

Nochd iarrtas airson tuilleadh chùrsaichean chroitearachd do bhoireannaich às dèidh do Chaidreachas Croitearachd na h-Alba cùrsa air obair-feansaidh a chumail air an deireadh-sheachdain airson boireannaich a-mhàin.

Bha an luchd-teagaisg ag amas air feansadh airson stoc a chumail a-staigh, agus a' toirt sùil cuideachd air na dòighean às fheàrr airson feansaichean a chàradh.

Chaidh Magaidh NicFhionghain a dh'fhaicinn dè bha a' dol.