Naidheachdan 11:00m

Tha sneachda trom a' toirt buaidh air mòran de dh'Alba, gu h-àraid air taobh sear na dùthcha agus an ceann a deas. Tha còrr is 1,500 sgoil dùinte 's tha maill mhòr air luchd-siubhail. Tha rabhadh aig Oifis na Sìde air tuilleadh shneachda a dh'fhaodadh coimhearsnachdan iomallach a ghearradh dheth, agus chaidh comhairle a thoirt air dràibhearan gun siubhal mura bheil èiginn ann.

Tha coimiseanairean às na 27 dùthchannan a tha fhathast anns an Aonadh Eòrpach a' coinneachadh mus fhoillsich iad a' chiad dreach aca de chùnradh fo am fàg Breatainn an EU. Tha cuideam a' sìor fhàs air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte innse ciamar a sheachnadh iad crìoch chruaidh eadar Èirinn a Tuath agus Poblachd na h-Èireann. Thuirt an Taoiseach, Leo Varadkar, an-diugh, gum feum an Riaghaltas innse dè tha nam beachd.

Tha 3,200 cosnadh ann an cunnart agus a' chompanaidh Toys'R'Us a' dol gu rianachd. Agus tha e coltach gu bheil companaidh eile, Maplin, faisg air a dhol fodha. Rud a tha a' cur 2,500 cosnadh eile ann an cunnart.

Thuirt a' Chrois Dhearg ann an Siria gun do lean sabaid chruaidh fad na h-oidhche eadar feachdan an Riaghaltais agus na Reubaltaich ann a Ghouta an Ear, a dh'aindeoin fosadh a dh'iarr Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte. Thuirt an UN nach robh pàirt sam bith aig na feachdan air aghaidh a' bhlàir anns an aonta airson cobhair a leigeil a-steach agus sìobhaltaich a leigeil a-mach à sgìre Ghouta.

Caillidh na h-Eileanan Siar cothrom mòr ann an cumhachd ath-nuadhachail mura bi co-obrachadh ann, a rèir Thormoid Dhòmhnallaich, Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar. Thuirt esan, aig seminar air a' chùis an-dè, gu bheil an gnìomhachas anns na h-Eileanan a' crochadh air an tèid sgeama chonnspaideach Lewis Windpower air adhart, agus thuirt e mura bi pròiseactan mòra den t-seòrsa sin ann, nach tèid càball ùr a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr.

Thèid oidhirp eile a dhèanamh an-diugh air cur às do phlana airson Coimisean na Coilltearachd a chur ma sgaoil, dìreach bliadhna mus ruigeadh a' bhuidheann ceud bliadhna de dh'aois. Tha bile Riaghaltas na h-Alba airson obair a' Choimisein a chur fo smachd an Riaghaltais a' dol dha na h-ìrean mu dheireadh aig Holyrood a-màireach.