Buidheann de shaighearan Gurkha air chuairt ann an Leòdhas
Tha earrann de Rèiseamaid na Gurkhas anns na h-Eileanan Siar an t-seachdain seo mar phàirt dhen trèanadh aca 'son a bhith ag iomairt ann an àrainneachdan de ghach seòrsa.
Tha e na uallach air na saighdearan a th'anns na h-Eileanan an-dràsta a bhith a' cumail bidhe agus uidheamachd ris a' chòrr den rèiseamaid - agus tha iad gu h-àraid a' faighinn trèanadh air a bhith a' cleachdadh rathaidean cumhang, cam.
Thadhail Aonghas Dòmhnallach air a' champa aca faisg air gàradh Àranais.