Plana ga fhoillseachadh mu fhèidh Leòdhais 's na Hearadh
Thèid plana fhoillseachadh an t-seachdain seo a mhìnicheas mar bu chòir dèiligeadh ri fèidh air feadh Leòdhais is na Hearadh.
Ged a tha na h-oighreachdan fa-leth air a bhith a' dèanamh an cuid fhèin gu ìre bheag no mòr, cha deach càil a-riamh a dhèanamh gu ruige seo ann an dòigh co-ordanaichte.
Tha Murray MacLeòid ag aithris.