Teaghlach Liam Cholgan dhen bheachd gu bheil e fhathast beò

Thuirt teaghlach fear à Inbhir Nis a tha a dhìth sa Ghearmailt gu bheil iad den làn bheachd gu bheil e fhathast beò.

Tha cha mhòr mìos ann bho chaidh Liam Colgan a dhìth ann an Hamburg agus e air turas le bhràthair agus caraidean.

A-nochd, tòisichidh iomairt am-measg thaighean seinnse an Inbhir Nis ann an oidhirp taic a thoirt dha theaghlach.

Tha Iain MacAonghais ag aithris.