Dùil ri seusan turasachd trang eile anns an Eilean Sgitheanach am bliadhna

Feumaidh muinntir an Eilein Sgitheanaich a bhith foighidneach le luchd-turais am bliadhna, agus tòrr leasachaidh fhathast a dhìth air bun-structair agus goireasan an eilein.

Sin a rèir stiùiriche na buidhne SkyeConnect, agus i a' bruidhinn aig co-labhairt air turasachd a chaidh a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig air an deireadh-sheachdain.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.