BBC Naidheachdan

Plana airson taigh-staile an Uibhist a Deas

Dh'fhaodadh gun tèid deich thar fhichead cosnadh ùr a chruthachadh ann an Uibhist a Deas ma thig planaichean gus taigh-staile a thogail ann an Loch Baghasdail gu buil. 'S iad Stòras Uibhist a tha air cùl a' phròiseict. Chosgadh an staigh-staile, a bhiodh air a ruith leis a' choimhearsnachd, mu dheich millean not. Tha tuilleadh aig Eilidh Ghrannd: