Naidheachdan 11:00m

Thuirt House of Fraser gun tèid a' chompanaidh fodha mura dùin iad còrr is 30 de na bùthainnean aca. Tha stòr Dhùn Èideann air an liosta airson dùnadh an ath-bhliadhna. Tha còrr is 6,000 dreuchd ann an cunnart air feadh Bhreatainn, agus House of Fraser ag ràdh gum feum iad atharrachadh mòr a thoirt air structar agus dòighean obrach na companaidh.

Bidh Theresa May a' bruidhinn ri ministearan anns a' Chaibineat feasgar agus àimhreit ann mu chàirdeas cuspainn na Rìoghachd Aonaichte ris an Aonadh Eòrpach. Tha Rùnaire Bhrexit, Dàibhidh Davis, air diùltadh a' phlana "backstop" a chumadh crìoch na h-Èireann fosgailte, leis nach eil ceann-ùine ann air dè cho fad 's a mhaireadh sin.

Thuirt britheamhan anns a' Phrìomh Chùirt nach urrainn dhaibh riaghladh air cùis casg-breith Èireann a Tuath. Bha dùil ri riaghladh an-diugh, ach thuirt a' chùirt nach eil cumhachd aig Coimisean Chòirichean a' Chinne-Daonna ann an Èirinn a Tuath tagradh a thogail an aghaidh an lagha ann an Èirinn a Tuath far a bheil casg-breith mì-laghail mura bheil beatha bhoireannaich ann an cunnart.

Tha cosgais tiodhlacaidh ann an Alba cho mòr agus nach urrainn do chuid an càirdean a thiodhlacadh. A rèir rannsachaidh a rinn am BBC ann an Alba tha tiodhlacadh an-diugh trì chairteal nas daoire na bha e ann an 2010. Anns an fharsainneachd 's e £3,600 cosgais tiodhlacaidh, ach tha sin ag atharrachadh gu mòr eadar diofar sgìrean.

Togaidh Ball an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach ceist cion taigheadais ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum aig a' Ghàidhealtachd air taighean ùra aig prìs reusanta, agus gu bheil èiginn le cion thaighean ann an cuid de na sgìrean a tha ise a' riochdachadh.

Dh'iarr cathraiche Stòras Uibhist, dham buin oighreachd Uibhist a Deas air buill eile a' bhùird an dreuchd fhàgail an-dràsta agus seasamh airson taghaidh a-rithist aig a' choinneimh bhliadhnail air an ath-mhìos. Thuirt Aonghas Mac Ille Mhaoil gur e sin an aon dòigh anns an cuir daoine earbsa is creideas anns a' bhòrd a-rithist an dèidh coinneimh èiginnich an t-seachdain seo chaidh far an deach gearain air an dòigh sa bheil iad a' ruith chùisean.

Chaidh òrdachadh do SSE £1m a thoirt air ais do luchd-cleachdaidh dealain is gas aig a bheil meatar airson pàigheadh ro làimh. Thuirt an riaghladair Ofgem gun do chuir SSE, a tha stèidhichte ann am Peairt, còrr is millean cunntas meallta no ceàrr a-mach eadar an t-Ògmhios ann an 2014 agus an t-Sultain ann an 2015 an dèidh mearachd choimpiutair.