Cead na comhairle 'son raon-goilf

Tha raon-goilf connspaideach air taobh sear Chataibh ceum nas fhaisge.

Thug comhairlichean na Gàidhealtachd cead do phlanaichean airson raon-goilf ùr aig a' Chùil faisg air Eurabol.

Chaidh dàil a chur air co-dhunadh roimhe agus a' chomhairle a' feitheamh freagairt bho Bhuidheann Dìon na h-Àrainneachd, SEPA.

Bha iadsan am measg na thog dragh mu dheidhinn.

Tha an aithris seo aig an tè-naidheachd againn, Eileen NicDhòmhnaill.