Naidheachdan 11:00m

Tha Buill-Phàrlamaid ag ràdh gun caill Breatainn an t-seòrsa càirdeis a th' aice ris na Stàitean Aonaichte agus dùthchannan eile ann an NATO mura tèid billeanan Not a bharrachd a h-uile bliadhna a chosg air dìon. Tha Comataidh an Dìon ann an Taigh nan Cumantan ag iarraidh an aon seòrsa airgid agus a chaidh a ghealltainn dhan NHS.

Tha dotairean ag ràdh gu bheil an NHS an Alba ann an èiginn le cion ghoireasan. Thuirt dà thrìan de na dotairean a ghabh pàirt ann an sgrùdadh a rinn Comann Meidigeach Bhreatainn gu bheil cion ghoireasan agus cion luchd-obrach a' toirt droch bhuaidh air an t-seirbheis a tha iad a' toirt seachad. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh riamh roimhe uimhir de dh'airgead ga chosg air Seirbheis na Slàinte.

Tha figearan ùra ag ràdh gu bheil sia bliadhna ann bho chaidh cumail mu dheireadh ris an ùine a dh'fheumas euslaintich feitheamh ri sealltainn riutha ma tha amharas ann gu bheil aillse orra. Tha na figearan ag ràdh gur e 85% de dh'euslaintich ris an deach sealltainn an taobh a-staigh 62 là. 'S e targaid Riaghaltas na h-Alba gum biodh 95% de dh'euslaintich a' faighinn a' chùraim a tha a dhìth orra an taobh a-staigh na h-ùine a tha sin.

Chuir luchd-gnothaich aig a' Ghàidhealtachd fàilte air a' bhòt ann an Taigh nan Cumantan an-raoir a' cur aonta ris an treas raon-laighe aig Heathrow. Tha ceannardan gnothachais ag ràdh gun toir e cothrom ùr chan ann a-mhàin do luchd-gnothaich, ach do luchd-turais cuideachd.

Thuirt poilis an-diugh gun do chaochail duine òg an dèidh tubaist-rathaid aig Tarbhaidh air rathad an A835 eadar Cunndainn agus Gairbh feasgar na Sàbaid. Chaidh an duine a bha 21 de dh'aois, a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, ach chaochail e an sin an-dè.

Chaidh nighean 9 bliadhna de dh'aois, a bha a dhìth ann an Glaschu fhaighinn 's i slàn, sàbhailte. Thuirt poilis gun d' fhuair iad Skye Docherty ann an Glaschu anns a' mhadainn an-diugh.