Naidheachdan 11:00m
Tha an Ceann-suidhe Trump aig Chequers airson còmhraidhean leis a' Phrìomhaire Theresa May - le Brexit agus malairt air a' chlàr. Rinn Mgr Trump càineadh air plana Bhrexit a' Bhean-phòsta May ann an agallamh le paipear-naidheachd agus e ag ràdh gura h-iongantach mura cuireadh e bacadh air aona malairt sam bith le na Stàitean Aonaichte. Ach tha an Seansalair Philip Hammond air a dhol an aghaidh beachdan Mhgr Trump gu làidir. Tha dùil ri mòran a' togail fianais air na sràidean ann an Lunnainn an aghaidh turas a' chinn-suidhe.
Tha poilis ann Èirinn a Tuath ag ràdh gu bheil trioblaidean air bhith ann an Doire tron oidhche le daoine a' cath nan dusanan bhomaichean peatrail air oifigearan. Tha troimh chèile air a bhith an sin airson an t-siathamh oidhche an dèidh a chèile. Chaidh fireannach a chur ann an grèim fo amharas oidhirp muirt.
Thuirt Màiri Schmoller, cathraiche ùr Stòras Uibhist, gum biodh prìomhachas aig ath-leasachadh Loch Baghasdail na dreuchd ùr. Chaidh a taghadh aig coinneimh bhliadhnail an uachdarain choimhearsnachd a-raoir. Tha feadhainn sa choimhearsanchd air a bhith mì-riaraichte mu dhòighean obrach Stòras Uibhist bho chionn ghoirid. Thuirt an cathraiche ùr gu robh i an dòchas gum b' urrainn do chùisean a bhith nas sìtheile bhon seo a-mach, ge-tà.
Tha còrr air dà mhìle gu leth dachaigh ann an Alba air liosta shònraichte aig draibhearan charbadan eiridinn air sgàth iomagain mu shàbhailteachd annta. Tha sin a' ciallachadh nach bu chòir do chriuthaichean a dhol a-steach annta mura bi oifigear poilis còmhla riutha airson taic. Thuirt Seirbheis Carbad Eiridinn na h-Alba gur e faighinn chun na daoine as truaighe a thaobh slàinte a tha na phrìomhachas dhaibh, co-dhiù a bhios na poilis an làthair gus nach bi. Tha an t-aonadh Unison ag ràdh gum bu chòir peanas nas cruaidhe a dhol air daoine a tha a' goirteachadh luchd-obrach nan seirbheisean èiginn.
Tha buidheann de dhaibhearan Breatannach a chuidich san iomairt gus buidheann de bhalaich òga bho sgioba ball-coise a bha glacte ann an uamh ann an Thailand a thoirt às gu sàbhailte a-nis air ais anns an rioghachd seo. A' bruidhinn ri luchd-naidheachd aig Port-adhair Heathrow, thuirt a' bhuidheann nach b'e gaisgich a bh' annta idir ach buidheann de dhaoine aig an robh sgilean sònraichte. Thuirt Rick Stanton, aon dhan fheadhainn a ràinig an sgioba anns an uamh an toiseach, gur i iomairt ìongantach a bh'ann. Thuirt ceann suidhe FIFA gun deadh cuireadh a thoirt dha na balaich tighinn a Lunnainn gu duaisean riaghladair a' bhuill coise ann an sin. Thuirt dotairean nach robh na balaich fallainn gu leòr airson a dhol gu cuairt dheireannach Cupa na Cruinne sa Ruis Là na Sàbainn.