BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha là eile de bhòtadh air reachdas Bhrexit mu choinneimh an Riaghaltais ann an Taigh nan Cumantan. Bidh buill a' deasbad Bile na Malairt, a bheireadh cead dhan Riaghaltas cùmhnantan malairt ùra a dhèanamh le dùthchannan eile air feadh an t-Saoghail an dèidh do Bhreatainn falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha Buill-Phàrlamaid a tha airson fuireach ann an aonadh cusbainn leis an EU a' feuchainn ri atharrachadh a thoirt air briathran a' bhile.

Chuir Coimisean nan Taghaidhean càin £61,000 air Vote Leave airson a dhol thairis air na tha e ceadaichte a chosg air iomairt aig àm Referendum an EU. Chaidh dithis a thoirt gu aire nam Poileas. Tha Vote Leave ag ràdh gu bheil mearachdan agus rudan nach eil fìor ann an aithisg a' Choimisein. Thuirt àrd-oifigeach Choimisean nan Taghaidhean, Claire Bassett, nach eil na fhuair an rannsachadh a rinn iad idir a' ciallachadh gun deach buaidh a thoirt le cinnt air co-dhùnadh na bhòta.

Thuirt labhraiche Thaigh na Còmhdhail anns na Stàitean Aonaichte, Pòl Ryan, gum feum an Ceann-Suidhe Trump tuigsinn nach e caraid dha na Stàitean Aonaichte a th' anns an Ruis. Thàinig briathran Mhgr Ryan an dèidh do Mhgr Trump a dhol an aghaidh beachd nan seirbheisean brathaidh Aimeireaganach, a thuirt gun do ghabh an Ruis gnothach ri taghadh a' Chinn-Suidhe ann an 2016.

Thuit àireamh a' chion-chosnaidh air feadh Bhreatainn mu 12,000 eadar am Màrt agus an Cèitean gu 1.4 millean. Bha an àireamh an Alba suas ge-tà, gu 120,000 - 2,000 a bharrachd na bh' ann air na trì mìosan ron sin. Agus bha an t-suim a tha luchd-obrach air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' cosnadh ann an tuarastal suas 2.5% air a' bhliadhna dhan Chèitean.

Bheir ministear iasgaich na Rìoghachd Aonaichte, George Eustace, fianais do chomataidh Pàrlamaid an-diugh air buaidh Bhrexit air a' ghnìomhachas. Tha Comataidh na h-Àrainneachd, a' Bhìdh agus Chùisean Dùthchail aig Westminster a' rannsachadh dè a' bhuaidh a bheir Brexit air iasgairean, luchd-giollachd, feadhainn a tha a' ceannach agus ag ithe an èisg, agus air sgìrean mu na cladaichean.