Tràigh ga ceannach leis a' choimhearsnachd?
Tha beachd ann am Meadarloch, tuath air an Oban, gum bu chòir dhan choimhearsnachd an tràigh faisg air a' bhaile a cheannach.
Chuir an t-uachdaran Tràigh Lì air a' mhargaidh - agus feadhainn ag ràdh gum bu chòir dìon a chur oirre.
Tha Urras Coimhearsnachd Thràigh Lì airson stad a chur air obair choimearsalta ann an àite a tha cudromach do thurasachd.
Seo Andreas Wolff.