"Deagh adhartas" air seirbheisean seann daoine
Chaidh adhartas a dhèanamh ann an seirbheisean do sheann daoine anns na h-Eileanan an Iar, a-rèir aithisg Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim.
Bha an luchd-sgrùdaidh air laigsean a thoirt am follais ann an 2016.
Thuirt a' bhuidheann gun deach mòran dha na dh'iarr iad an uairsin a chur ceart.
Thuirt iad cuideachd gun robh co-obrachadh nas fheàrr eadar Comhairle nan Eilean Siar agus NHS nan Eilean Siar a' cur ris an adhartas sin gu mòr.
Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.