Naidheachdan 11:00m

Tha a' chompanaidh chungaidhean Fhraingeach, Sanofi, ag ràdh gun do thòisich iad a' cruinneachadh 's a' stòradh chungaidhean anns an Rìoghachd Aonaichte, gun fhios nach tachair Brexit gun aonta. Tha a' chompanaidh am measg an fheadhainn as motha a tha a' dèanamh de dh'insulin agus banachdaich. Tha iad air na tha iad a' stòradh àrdachadh bho luach ceithir seachdainean dheth, gu 14 seachdainean.

Thèid casaidean a thogail an aghaidh duine air an deach fhàgail gun do dh'ainmich e boireannach a bh' air aithris èigneachaidh a dhèanamh ann an Èirinn a Tuath. Tha an lagh ag ràdh nach fhaod daoine a tha a' togail aithrisean èigneachaidh a bhith air an ainmeachadh. Nochdaidh an duine sa chùirt nas fhaide den bhliadhna fo chasaid gun do bhris e an lagh seo, a rèir na seirbheis casaid phoblaich. Tha e a' buntainn ri cùis an aghaidh dithis chluicheadairean rugbaidh a chaidh a shaoradh bho chasaid èigneachaidh às dèidh cùis-lagha sa Mhàrt.

Tha luchd-strì anns an Eilean Sgitheanach air sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail agus iad an aghaidh phlanaichean airson seirbheisean adhair a thòiseachadh às ùr bhon Aiseag, faisg air an Ath Leathann. Tha HITRANS am beachd sgeama pìleat a dhèanamh de sheirbheisean adhair a Ghlaschu, ach tha cuid diombach mun chosgais a bhiodh na lùib, agus air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air an eilean.

Tha Jeremy Corbyn air leisgeul a thabhainn airson "dragh agus uallach" a dh'adhbharaich e le bhith a' nochdadh aig tachartasan far an do rinn cuid coimeas eadar na tha Israel a' dèanamh ann an sgìre Ghàsa, agus an Holocaust. Thuirt Mgr Corbyn nach robh e a' gabhail ris a' bheachd sin, no ag aontachadh ris. Thuirt e gun robh e aig na tachartasan, leithid fear air Là Cuimhneachaidh an Holocaust ann an 2010, mar phàirt den iomairt aige ceartas fhaighinn dha na Pailistinianaich.

Tha na Poilis agus luchd-smàlaidh air rannsachadh a chur air dòigh eatorra mu theine a rinn milleadh aig seann Ospadal Stobhill ann an Glaschu. Aig aon àm bha còrr air 100 smàladair a' strì ris an teine air Rathad Balornock an-raoir. Tha poilis a' sireadh fhiosrachaidh 's iad ag ràdh gun robh cunnart ann gum biodh an teine air sgapadh chun an ospadail air an làraich a tha fhathast ag obair.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun gabh iad barrachd ùine a' coimhead air planaichean airson raoin-ghoilf ùir ann an Cataibh, mus dèan iad co-dhùnadh air na planaichean a ghairm a-steach. Ged a mhol oifigich dhealbhachaidh na planaichean airson làrach faisg air Eurabol a dhiùltadh, ghabh Comhairle na Gàidhealtachd riutha. Tha na planaichean connspaideach leis gum biodh an raon air làrach a tha ga comharrachadh mar àrainneachd a tha sònraichte.

Tha luchd-rannsachaidh air Ghàidhealtachd air sgeama a thòiseachadh airson biadh a chaidh a dhèanamh le bàrr GM a bhiathadh do bhradain. Tha iad ag amas air an iasg a dhèanamh nas fhalainne do dhaoine. Tha teagmhaich ag ràdh ge-tà, gu bheil teicneòlas GM a' cumail taic ri siostam bìdh nach eil maireannach. Ach tha feadhainn a tha an sàs anns an obair ag ràdh gu bheil e deatamach.