Bliadhna bho thòisich sgeama nam bogsaichean bèibidh ann an Alba

Chaidh còrr is leth-cheud mile bogsa-bèibidh a thoirt do mhàthraichean ann an Alba bho chaidh an sgeama a chuir an sàs bho chionn bliadhna.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil na bogsaichean ann airson toiseach-beatha cho math 's a ghabhas a thoirt do phàistean, ach tha leithid na Toraidhean air a bhith a' ceasnachadh am bu chòir dhan t-airgead a bhith air a chosg air rudeigin eile.

Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc.