Naidheachdan 11:00m

Dh'iarr Theresa May càirdeas agus co-obrachadh às ùr eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Afraga. Bha am Prìomhaire a' bruidhinn ann am Baile a' Cheap aig toiseach a turais gu trì dùthchannan Afraganach agus i a' feuchainn ri ceanglaichean malairt a neartachadh agus Breatainn ag ullachadh airson falbh às an Aonadh Eòrpach.

Aig an aon àm nì Riaghaltas na h-Alba oidhirp air ceanglaichean nas làidire leis an Aonadh Eòrpach, agus Rùnaire Bhrexit na h-Alba ann am Paris an-diugh. Innsidh Mike Russell do cheannardan gnothachais gu bheil Riaghaltas na h-Alba airson fuireach anns a' Mhargaidh Shingilte, agus ann an aonadh cuspainn, eu-coltach ri Theresa May a tha ag iarraidh an Rìoghachd Aonaichte a thoirt a-mach àsta.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum faod dùil a bhith aig luchd-obrach ri am pàigheadh anns na cunntasan banca aca an-diugh. Tha am bòrd-slàinte a' rannsachadh carson nach d' fhuair a' mhòr-chuid den 10,000 luchd-obrach am pàigheadh air a' mhìos seo mar a bu chòir.

Tha caismeachdan a' dol air adhart air feadh Èireann a Tuath an-diugh airson fèin-riaghladh a stèidheachadh ann an Stormont a-rithist. Chan eil seanadh air a bhith ann bho sgaoil an t-aonta riaghlaidh eadar an DUP agus Sinn Féin anns an Fhaoilleach an-uiridh.

Tha Ministear Àrainneachd na Frainge air a dhreuchd fhàgail. Leig Nicolas Hulot fhaicinn air prògram rèidio, beò anns a' mhadainn an-diugh, gur e cùis thàmailt a th' ann dha gun do dh'fhailich air cus feum a dhèanamh dhan àrainneachd anns an dreuchd, agus ghearain e air cho beag taic 's a fhuair e bhon Riaghaltas.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha teagmhach mun £3.5m a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba airson càradh bhàtaichean-aiseig agus airson an tilleadh gu seirbheis nas luaithe ma 's e agus gum bris iad sìos. Thuirt cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Uisdean Robasdan, nach tèid an t-suim sin ro fhada leis na th' aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn de sheann bhàtaichean. Ach thuirt e nach iad na seann bhàtaichean ach na bàtaichean ùra as motha a rinn trioblaid bho chionn ghoirid.

Chaidh deugaire a chur an grèim co-cheangailte ri aithris gun deach èigneachadh a dhèanamh air nighean, 16 bliadhna de dh'aois ann am Pàirce Dhùthchail Shrath Chluaidh. Dhùin poilis pàirt den phàirce, faisg air Tobar na Màthar, feasgar na Sàbaid. Dhearbh na Poilis gun deach fear a tha 17 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim, agus a shaoradh an dèidh sin fhad 's a tha rannsachadh a' dol air adhart.