Dòchas mu Bhùth Chàraboist

Tha dòchas ann an Càrabost san Eilean Sgitheanach gun tèid a' bhùth mu dheireadh san sgìre a chumail fosgailte.

Tha an tè aig a bheil i ag ràdh gu bheil i a' dol ga dùnadh ro dheireadh na bliadhna mura tèid a ceannach.

A-raoir chruinnich còrr agus ceud duine aig coinneimh phoblaich ann an Talla Mhinginish far an deach buidheann-stiùiridh a chur air bhonn faic an gabh a' bhùth a ghabhail os làimh leis a' choimhearsnachd fhèin.

Chaidh Alasdair MacLeòid dhan choinneimh dhuinn.