Seirbheis adhair air tighinn gu ceann

Dh'fhalbh an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain airson an turas mu dheireadh an-diugh.

Tha comhairlichean, buill-phàrlamaid agus luchd-siubhail air dragh a thogail mu cho-dhùnadh Eastern Airways an t-slighe a tharraing.

Thuirt Eastern Airways gu robh e a-nis ro chosgail dhaibh an t-seirbheis a chumail a' dol.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.