A' leasachadh talamh mòintich

Tha Dualchas Nadarra na h-Alba a'cuir romhpa fhèin fichead mìle hectare de thalamh mòintich a' leasachadh air a bhliadhna a tha romhainn.

Tha e coltach gu bheil an dàrna leth de thalamh mòintich na h-Alba ann a droch staid - rud a tha a'cuir carbon ma sgaoil agus a' dèanamh cron air an àrainneachd.

Ann an Leòdhas tha Oighreachd Urras Chàrlabhaigh air Oifigear Leasachadh Mòintich fhasdadh. Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.