Leasachadh air Bealach na Bà
Tha iongnadh air a' Chomraich gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd an dùil faisg air £180,000 a chosg a' leasachadh ghoireasan air Bealach na Bà.
Theid pàirt den airgead a chosg air àitean parcaidh do bhanaichean-campachaidh - ach tha dragh air cuid san sgìre gun toir sin air barrachd dhràibhearan neo-eòlach an rathad fheuchainn le carabadan a tha mì-fhreagarrach.
Tha Alasdair MacLeòid ag aithris.