Naidheachdan 11:00m
Tòisichidh Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, air dreach-phlana ionmhais an Riaghaltais ullachadh, às dèidh dhan t-Seansalair fhoillseachadh gun tig £950m a bharrachd gu ruige Holyrood sa bhuidseat aige an-dè. Tha dùil gun tèid a' chuid as motha den t-suim gu ruige NHS na h-Alba, mar a thathas an dùil a dhèanamh sa chòrr de Bhreatainn.
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air na thuirt an t-Seansailar an-dè na òraid gu bheil "linn nan gearraidhean mòra" a' tighinn gu crìch. Tha an t-ùghdarras ionadail an dòchas gum faigh iad barrachd airgid bho Riaghaltas na h-Alba bhon chnap mhòr sin, agus aca ri faisg air £70m a chùmhnadh thairis air an trì bliadhna a tha romhainn.
Tha dròna fo-uisge agus uidheamachd sònar gan cleachdadh gus sprùilleach an itealain Lion Air a thàinig a-nuas sa mhuir Java an-dè a lorg. Chaidh cuid den sprùilleach, cuirp, agus rudan pearsanta a bhuineadh dhan fheadhainn a bh' air bòrd a lorg agus a thoirt gu ruige Jarkata ann an Indonèisia. Cha deach duine bhon 189 a bh' air bòrd a lorg beò thuige seo.
Tha an t-aonadh as motha an Alba do thidsearan, an EIS, a' sgaoileadh phàipearan baileat am measg bhall an-diugh, feuch an gabh iad ri àrdachadh pàighidh. Tha iad a' sireadh àrdachadh pàighidh de 10%, ach, tha Riaghaltas na h-Alba agus na h-ùghdarrasan ionadail a' tabhainn 3%, ged a tha iad ag ràdh gum biodh e na bu choltaiche gum faigheadh a' chuid as motha de thidsearan 5%. Tha an t-aonadh ag iarraidh air na buill aca seo a dhiùltadh.
Tha poilis a tha a' rannsachadh mar a chaidh tè a bhiodh a' reic thaighean, Suzy Lamplugh, a dhìth bho chionn còrr air 30 bliadhna, air sgrùdadh a thòiseachdainn aig togalach ann an Sutton Coldfield ann am Birmingham. Tha Poilis a' Mhet air diùltadh càil a ràdh mu an cuid rannsachaidh, às dèidh do dh'aithrisean nochdadh ann am pàipearan-naidheachd gu bheil oifigearan a' cladhach ann an gàradh cùil taighe far am b' àbhaist màthair an neach a bha fo amharas mun chùis, air a bhith a' fuireach.
Chaidh bratach ùr a thaghadh do dh'Eilean Mhuile às dèidh farpais am measg sgoilearan an eilein. Tha am bratach ùr a' sealltainn cruth an eilein le dealbhan de phuthaidean, leumadairean, crodh agus iolairean-mara. Thèid a chlàradh gu h-oifigeil a-niste agus tha dùil gum bi e ri fhaicinn taobh a-muigh gach bun-sgoile san eilean.