Làmh-sgrìobhainnean Gàidhig gan taisbeanadh

Leabhar Dheathan Lios Mòir bhon 15mh linn, an Illiad le Homer, ann an Gàidhlig, agus inneal bhon 16mh linn a dh'innseas cuin a bhios a' Chàisg ann.

Dìreach cuid de na làmh-sgrìobhainnean a bha rim faicinn aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba Dimàirt.

Bha iad mar phàirt de thaisbeanadh a chaidh a chur air dòigh airson Fèis Eadar-Nàiseanta nan Sgeulachdan a chomharrachadh.