Leabhar ùr mun 'Iolaire'
Chaidh an leabhar as coileanta fhathast mu chall an 'Iolaire' fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh.
Bha na h-ùghdaran, Calum Dòmhnallach agus Dòmhnall Iain MacLeòid, nach maireann, 20 bliadhna ag obair air 'The Darkest Dawn'.
Tha e ag innse sgeulachd a h-uile duine a bh' air an 'Iolaire' agus a' togail air laigsean anns an rannsachadh oifiegil air an tubaist.
Tha Aonghas Dòmhnullach ag aithris.