Naidheachdan 11:00m

Tha poilis a' rannsachadh aithrisean mu ghràin air Iùdhaich anns a' Phàrtaidh Làbarach. Thuirt Scotland Yard gun d' fhuair iad aithris anns an t-Sultain bho thaobh a-staigh a' phàrtaidh anns a bheil casaidean mu ghràin. Tha ceannardan Iùdhach agus feadhainn anns a' Phàrtaidh Làbarach air a bhith a' gearain bho chionn ùine nach eil an ceannard, Jeremy Corbyn, a' dèiligeadh ris an casaidean sin.

Tha aonadh nan tidsearan, an EIS, a' càineadh na litreach a chuir Riaghaltas na h-Alba agus COSLA, buidheann nan ùghdarras ionadail, gu luchd-teagaisg. Tha fiosrachadh anns an litir sin mun àrdachadh pàighidh a tha iad a' tabhann air na tidsearan, ach tha an EIS ag ràdh gu bheil an litir meallta agus cealgach. Tha an Riaghaltas ag ràdh nach eil anns an litir ach mìneachadh onorach air an tairgse.

Thuirt aithisg oifigeil mun dòigh san do dh'fhàg Amber Rudd a dreuchd mar Rùnaire na Dùthcha sa Ghiblean, gun do thrèig an t-Seirbheis Chatharra i. Dh'fhalbh Ms Rudd nuair a chaidh fàgail oirre gun do mheall i Buill-Phàrlamaid aig àirde an sgainneil mu Ghinealach Windrush a thàinig a Bhreatainn às a' Charibean an dèidh an Dàrna Cogaidh. Thuirt an aithisg nach do chùm seirbheisich chatharra fiosrachadh no taic mar a bu chòir ri Ms Rudd.

Tha àrd-dhotairean air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh làn-rannsachaidh neo-eisimeilich air casaidean mu bhurraidheachd agus maoidheadh aig NHS na Gàidhealtachd. Thàinig an t-iarrtas bho choinneimh ann an Inbhir Nis an-raoir far an robh còrr is 100 de luchd-obrach clinigeach, agus feadhainn à sgìrean eile a ghabh pàirt ann aig astar le ceangal bhideo. Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh nach fhaca iadsan fianais gu leòr fhathast airson rannsachadh a ghairm.

Chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist-rathaid ann an Leòdhas anns a' mhadainn. Chaidh fios air an seirbheisean èiginn goirid ro 07:00m mun tubaist faisg air làrach Fèill Àiteachais nan Loch ann an Lacasaigh. Tha e coltach nach deach am boireanach a dhroch ghoirteachadh.