Ionad dualchais am Baile nan Granndach

Fad leth-ceud bhliadhna tha an Stèisean an Ear ann am Baile nan Granndach air a bhith na shuidhe falamh.

Ach an-diugh bha na ceudan de luchd-tadhail ann, 's e air a dhèanamh na ionad eachdraidh.

Thathas an dòchas gum bi an t-ionad, le rathad iarrainn beag na chois, na thogail do dh'eaconomaidh na sgìre.

Tha Nicole Webber ag aithris.