Goireas ùr do bhanaichean-campachaidh an Nis?
Chaidh moladh gum bu chòir leasachadh a dhèanamh aig Talla Nis gus a dhèanamh nas goireasaiche do bhanaichean-campachaidh a tha a' tadhal air ceann a tuath Leòdhais.
Tha fear do chomhairlichean na sgìre airson tagradh foirmeil a dhèanamh.
Tha an comhairliche Iain MacAoidh ag ràdh nach toireadh e na tha sin do dh' airgead airson an t-ionad ath-nuadhachadh.
Tha tuilleadh aig Murray MacLeòid.