Luchd-coiseachd nan coin a' cur dìon air an àireannachd
Tha buidheann air a Ghàidhealtachd a bhios a' cruinneachadh airson coiseachd le na coin aca, air pròiseact a thòiseachadh gus an àrainneachd mun cuairt orra a sgioblachadh.
Mar phàirt dhe na cuairtean aca, tha iad a' toirt leotha bagannan airson sgudail san sgìre a thogail.
'S ann às deidh dhaibh prògramman TV mun àrainneachd fhaicinn a thòisich iad an sgeama, 's iad an dòchas gum bi seo na bhrosnachadh do dhaoine eile an Alba agus air feadh an t-saoghail an aon seòrsa rud a dhèanamh.
Chaidh Nicole Webber a mach còmhla riutha.