Naidheachdan 11:00m

Tsunami

Dh'iarr oifigich ann an Indonesia air daoine fuireach air falbh bho na cladaichean agus dragh ann gum faodadh tsunami eile a bhith ann. Chaill còrr is 280 duine am beatha nuair a thàinig tonn mòr air tìr ann an Sumatra agus Java Disathairne - agus tha na buidhnean cobhair ag ràdh gum bi an àireamh sin nas motha fhathast.

Pacastan

Chaidh binn seachd bliadhna sa phrìosan air Nawaz Sharif a bha na Phrìomh Mhinistear ann am Pacastan. Chaidh fhaighinn ciontach fo chasaidean foill. Tha e a' dol às àicheadh sin agus e ag ràdh gur iad nàimhdean poileataigeach a rinn cuilbheart na aghaidh.

Drònaichean

Chuir polais ann an Sussex dìon air an dòigh anns an do làimhsich iad aithrisean air drònaichean a chuir stad air seirbheisean adhair aig Gatwick an t-seachdain seo chaidh. Tha iad a' rannsachadh mòran aithrisean air na drònaichean ach dh'aidich iad gur dòcha nach bi dearbhadh ann air gin dhiubh sin.

Teachdaireachd Nollaige

Iarraidh a' Bhan-rìgh, na h-òraid Nollaige a-màireach, air daoine spèis a thoirt do chèile fiù 's ged a bhiodh beachdan gu math eadar-dhealaichte aca. Tha e coltach gur ann a' feuchainn ris an teas a thoirt às an deasbad mu Bhrexit a tha i. Dh'iarr Theresa May cuideachd air daoine a bhith math dha chèile, seach bruidhinn air sgaraidhean Bhrexit, ann an litir a th' aice anns an Daily Express an-diugh.

Kaiam

Chaidh mu 300 duine a tha ag obair aig factaraidh choimpiutairean ann am Baile Dhùn Lèibhe iarraidh gu coinneamh an-diugh. Dh' innis a' chompanaidh dhan luchd-obrach aig factaraidh Kaiam an t-seachdain seo chaidh nach biodh iad a' faighinn am pàigheadh air a' mhìos seo. Chaidh luchd-rianachd a chur os cionn na companaidh Disathairne.

Fireannach a dhìth

Tha polais a' coimhead 'son duine, 29, air nach eil sgeul ach a bha air taobh siar na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh. Bha Matthew Tomlinson ann an sgìre Thoirbheartain Dihaoine seo chaidh ach cha chuala a theaghlach ann an Dùn Breatann bhuaithe bhon uair sin. Dh'iarr polais air daoine sùil a chumail a-mach 'son a' chàir aige, Vauxhall Insignia dubh, leis a' chlàradh, DY62 YNF.