Gainmheach air sràidean Inbhir Theòrsa

Bha luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd trang Dimàirt 's iad a' sguabadh nan tunnaichean de ghainmhich far sràidean Inbhir Theòrsa às dèidh stoirm oidhche Luain.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu bùth sa bhaile nuair a dh'fhalbh mullach an togalaich leis a' ghaoith.

Seo Eileen NicDhòmhnaill.