Comataidh Thaghte a’ coinneachadh ri croitearan

Bha Brexit air a’ chlàr-ghothaich do bhuill de Chomataidh Thaghte nan Cumantan air Gnothaichean na h-Alba ‘s iad air chuairt ann an Leòdhas Diluain.

Bha iad a’ tadhal air an sgìre gus barrachd fhaighinn a-mach mun phàirt a th' aig croitearachd ann an gnìomhachas àiteachais na dùthcha.

Tha iad a' feuchainn ri dòighean a lorg a nì cùisean nas cinntiche do chroitearan agus Brexit a' teannadh dlùth.