Naidheachdan 11:00m

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Greg Clark, gur e buille uabhasach do ghnìomhachas ann am Breatainn a th' ann an dearbhadh gu bheil Honda a' dùnadh na factaraidh chàraichean aca ann an Swindon ann an 2021. Thèid 3,500 cosnadh a chall. Thuirt Àrd-Oifigeach Honda ann am Breatainn, Ian Howells, nach eil gnothach aig Brexit ris a' cho-dhùnadh agus gur e a th' ann ach atharrachadh sa ghnìomhachas air feadh an t-Saoghail.

Chaidh rabhadh a thoirt do Jeremy Corbyn gum fàg Buill-Phàrlamaid Làbarach eile am pàrtaidh mura h-èist e ris an dragh a th' orra. Thuirt Ball-Pàrlamaid Dudley a Tuath, Iain Austin, gum bi feadhainn eile a' beachdachadh air falbh mura h-atharraich am pàrtaidh an dòigh sa bheil iad a' dèiligeadh ri aithrisean air gràin an aghaidh Iùdhach. Chaidh innse dhan BhBC gu bheil dithis Bhall-Pàrlamaid Tòraidheach a' beachdachadh cuideachd air a dhol còmhla ri seachdnar bhall Làbarach a dh'fhàg am pàrtaidh an-dè.

Daoine gun Chosnadh

Bha 14,000 nas lugha gun chosnadh air feadh Bhreatainn eadar an Dàmhair agus an Dùbhlachd an-uiridh. Tha an àireamh a th' ann an cosnadh, aig 32.6m, aig an ìre as motha riamh. Bha an àireamh gun obair ann an Alba sìos gu 96,000. Agus bha pàigheadh a' fàs aig 3.4% - an ìre as luaithe ann an deich bliadhna.

Seirbheis nan Carbadan-Eiridinn

Tha Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba ag ràdh gu bheil atharrachadh nan dòighean obrach a' cùmhnadh beatha a h-uile bliadhna. Tha an t-seirbheis air dà bhliadhna a chur seachad air deuchainn a tha a' toirt prìomhachais do chùisean far a bheil beatha ann an cunnart agus far nach eil ceann-ùine mun coinneimh ann an cùisean far nach eil èiginn ann. Tha am fiosrachadh a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh gur dòcha gu bheil an sgeama pìleit sin air 1,200 beatha a ghlèidheadh.

Port-Fànais Uibhist?

Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gu bheil cothrom aig Uibhist a Tuath fhathast air fear de na puirt-fhànais ged 's e Cataibh a chaidh a thaghadh an-uiridh 'son a chiad fhir dhiubh. Dh'innis a' Chomhairle do Chomhairle Choimherasnachd Uibhist a Tuath an-raoir gu bheil ùidh aig companaidhean prìobhaideach ann an làrach ann an Uibhist agus gum faodadh deuchainnean a bhith ann am-bliadhna.

Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Shrath Chluaidh ann an Glaschu ag ràdh gu bheil iad air deuchainn ùr a dhealbh a nì dearbhadh nas luaithe air a' ghalair sepsis, a dh'fhaodadh beatha nam mìltean dhaoine gach bliadhna a ghlèidheadh. Tha sepsis a' dèanamh cron air buill bhodhaige agus tha e a' toirt bàs do chòrr 's 50,000 duine air feadh Bhreatainn a h-uile bliadhna.