Port fànais an Uibhist a Tuath?

Tha companaidhean prìobhaiteach ag obair còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar gus port fànais a stèidheachadh ann an Uibhist a Tuath.

Fhuair iomairt ann an Cataibh airson rocaidean a chur suas dhan iarmailt taic bho HIE agus buidhnean eile an-uiridh.

Aig coinneimh de Chomhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath oidhche Luain, far an deach tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh mu dheidhinn, nochd taic agus iomagain.