Naidheachdan 11:00m

Thuirt teaghlach Shamima Begum, an deugaire Breatannach a chaidh gu IS ann an Siria, gum bi iad a' tagradh an aghaidh cho-dhùnadh an Riaghaltais a saorannachd Bhreatannach a thoirt bhuaipe. Tha Shamima, a tha 19 bliadhna de dh'aois, ann an campa fhògarrach ann an Siria an-dràsta le leanabh, gille beag a rugadh an t-seachdain seo chaidh, agus tha i ag iarraidh tilleadh a Bhreatainn. Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach nach eil iad ga fàgail gun dùthaich dham buin i, oir gu bheil còir aice air saorannachd Bhangladaisich, far an do rugadh a pàrantan.

Tha fathannan a' sìor fhàs gu bheil 's dòcha ceathrar de Bhuill-Phàrlamaid Thòraidheach a tha mì-thoilichte le poileasaidh an Riaghaltais air Brexit am beachd a dhol còmhla ris a' bhuidhinn a rinn sgaradh bhon Phàrtaidh Làbarach. Dh'fhàg an t-ochdamh Ball-Pàrlamaid Làbarach an-raoir, Joan Ryan, Ball Enfield a Tuath ann an Lunnainn, agus ise ag ràdh gu bheil e a' sìor fhaileachadh air Jeremy Corbyn dad a dhèanamh mu ghràin air Iùdhaich anns a' phàrtaidh.

Tha a h-uile dùil gun gabh comhairlichean nan Eilean Siar ri àrdachadh gu 4.79% anns a' Chìs Chomhairle. 'S e sin an ìre as motha a cheadaicheas Riaghaltas na h-Alba. Agus tha am buidseat air am bi iad a' bhòtadh an-diugh ag amas cuideachd air £2.5m a shàbhaladh le measgachadh de ghearraidhean agus ath-dhealbhachadh air seirbheisean.

Thuit luach nan earrainnean ann an Sainsbury mu 15% an-diugh agus Ùghdarras na Farpais 's na Margaidh a' cur teagaimh ann an aonta eadar iad agus Asda. 'S iad an dàrna agus an treas sreath bhùthainnean as motha a th' ann am Breatainn, agus dh'innis iad an-uiridh gun robh iad am beachd a dhol còmhla airson farpais nas fheàrr a dhèanamh an aghaidh Tesco, Aldi agus Lidl. Ach tha an t-ùghdarras ag ràdh gur dòcha gun tig orra bùthainnean a reic, no cuid den stuth a tha iad a' reic nan ainm fhèin a chur bhuapa ma tha iad airson a dhol air adhart le aonta.

Tha Theresa May a' dol dhan Bhruiseil an-diugh airson tuilleadh chòmhraidhean ri Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Juncker. Thuirt Mgr Juncker a-rithist an-dè nach atharraich an EU aonta Bhrexit. Ach tha am Prìomhaire a' feuchainn ri rèite a dhèanamh mun Chùl-Stad - an earrainn den aonta a tha ag amas air sgrùdadh cuspainn a sheachnadh air Crìoch na h-Èireann.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, gu bheil an Riaghaltas deònach coimhead air obraichean oifis aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a ghluasad bho thìr-mòr gu ionad TalkTalk ann an Steòrnabhagh. Tha an t-ionad sin, aig a bheil 60 de luchd-obrach, a' dùnadh as t-Samhradh. Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' feuchainn bho chionn fhada ri tuilleadh de dh'obraichean ChalMac a thoirt dha na h-eileanan.