Naidheachdan 11:00m

Tha dithis eile de na Buill-Phàrlamaid Thòraidheach ag ràdh gum fàg iad am pàrtaidh ma 's e Brexit gun aonta a bhios ann. Thuirt na seann mhinistearan riaghaltais Dominic Grieve agus Justine Greening gum falbh iad ma bheir Theresa May an Rìoghachd Aonaichte a-mach às an Aonadh Eòrpach gun aonta. Thàinig an rabhadh an dèidh do thriùir eile de na buill Thòraidheach - Anna Soubry, Heidi Allen, agus Sarah Wollaston - gluasad an-dè dhan buidhinn neo-eisimeilich anns a bheil ochdnar de na Buill-Phàrlamaid a dh'fhalbh às a' Phàrtaidh Làbarach.

Tha Àrd-Neach-Tagraidh na Rìoghachd Aonaichte, Geoffrey Cox, agus Rùnaire Bhrexit Stephen Barclay, anns a' Bhruiseil an-diugh. Tha iadsan a' feuchainn ri rèite a dhèanamh mun Chùl-Stad, an earrainn de dh'aonta Bhrexit a tha ag amas air sgrùdadh cuspainn a sheachnadh air Crìoch na h-Èireann.

Agus tha Jeremy Corbyn a' coinneachadh ri Àrd-Bharganaiche an EU, Michel Barnier, agus dùil gum bi Mgr Barnier a' ceasnachadh an toir na gluasadan aig Westminster buaidh sam bith air an ath-chuairt de bhòtadh air Brexit.

Tha figearan ùra ag ràdh gun robh pailteas gu math nas motha na bha dùil - faisg air £15bn - ann an cunntasan poblach Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a' mhìos a chaidh. Sin am pailteas as motha riamh ann am mìos Faoillich. Agus tha an t-suim a th' air iasad aig an Riaghaltas air a' bhliadhna-ionmhais gu ruige seo aig an ìre as lugha bho 2001, aig beagan a bharrachd air £21bn.

Tha dùil gun tèid gabhail ri buidseat Riaghaltas na h-Alba an-diugh ged a tha na pàrtaidhean dùbhlain na aghaidh. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun cuir am plana dìon air seirbheisean, agus gun cùmhn e an fheadhainn as miosa dheth bho àrdachadh chìsean. Tha na Làbaraich ag ràdh gum fàg e nas lugha de dh'airgead aig na h-ùghdarrasan ionadail.

'S i SSE a' chompanaidh mu dheireadh de na sia mhòra a leig fhaicinn gu bheil iad a' cur suas phrìsean an dealain is gas aca, a rèir 's mar a dh'iarr an riaghladair Ofgem. Tha an t-àrdachadh 10.2% bhon chiad là den Ghiblean, a' ciallachadh gum bi còrr is dà mhillean de luchd-cleachdaidh air an Taraif Chumanta Atharrach, a' pàigheadh còrr is £100 a bharrachd anns a' bhliadhna.

Gheall Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, a-rithist gum bi ospadal ùr ann am Barraigh ro 2021. Tha sin a dh'aindeoin agus nach eil plana gnothachais deiseil fhathast airson goireas ùir. Tha deasbad ann eadar am bu chòir an t-ospadal ùr agus hub coimhearsnachd a bhith còmhla anns an aon togalach, no ann an togalach an urra.