Barrachd ionnsaighean le coin

Losgaidh croitearan agus tuathanaich air coin a tha a-measg stuic gun chead a rèir fhear aig a bheil tuathanas mòr air a Ghàidhealtachd.

Bha Raibeart Dòmhnallach a' bruidhinn agus rannsachadh a rinn NFU Mutual ag ràdh gun tàinig àrdachadh ceithir fichead sa cheud air an àireamh de stoc air an deach ionnsaigh a thoirt thairis air na ceithir bliadhna mu dheireadh.

Chosg sin còrr is £700,000 do chroitearan agus tuathanaich.

Tha an aithris seo aig Magaidh NicFhionghain.