Truailleadh plastaig air tràighean Dhiùranais

Botal à Indonesia, fòn-làimh às an Fhionnlann, agus lasadair à Meagsago. Dè a tha gan ceangal? Tha, gu bheil iad uile a-measg an truailleadh plastaig a tha air nochdadh air tràighean Dhiùranais. Tha a' bhuidheann Plastic@Bay a' feuchainn ri aire dhaoine a tharraing chun a seo, agus aig an aon àm a' feuchainn ri freagairtean cruthachail fhaighinn air dè a nithear le truailleadh plastaig san fharsaingeachd. Chaidh Niall Bartlett a Dhiùranais dhuinn.