Slighe Chaledonia ga fhosgladh

Chaidh slighe bhaidhseagal ùr fhosgladh Diciadain eadar a' Choingheal agus Meadarloch ann an Earra-Ghaidheal. Tha seo mar phairt de Shlighe Chaledonia a bhios a' ceangal Ceann Loch Chille Chiarain agus Inbhir Nis. Bha clann-sgoile a-measg a' chiad fheadhainn a leum air na baighseagalan aca airson a dhol oirre. Seo Andreas Wolff.