Ceistean gan togail mu Ospadal Chomhghaill

Nochd ceist mu na tha an dàn do dh'Ospadal Chomhghaill ann an Earra Ghàidheal aig coinneamh na comhairle an-diugh. Tha dragh san sgìre gu bheil an àireamh leapanan is luchd-obrach ga lùghdachadh. Chan fhada bho chum a' chomhairle choimhearsnachd bhot cion-earbsa sa bhall-pàrlamaid Albannach Mìcheal Ruiseal mu laimhseachadh na cùise. Seo Andreas Wolff.