Urras Oighreachd Ghabhsainn

Tha Rùnaire Choimhearsnachdan is Ùghdarrais Ionadail na h-Alba, Aileen Chaimbeul, ag ràdh gu bheil i air a misneachadh gu mòr leis an leasachadh a tha Oighreachd Ghabhsainn, ann an Leòdhas, air a dhèanamh. Thuirt i cuideachd, 's i air turas chun na h-eileanan, gun robh i ag iarraidh beachdan bhuapa mu dhòighean anns am faigh Riaghaltas na h-Alba air obrachadh comhla riutha. Seo Aonghas Dòmhnallach.