Cead son 15 taighean am Port Rìgh ga dhiùltadh

Dhiùlt comataidh dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt seachad airson còig taighean comhairle deug ùr far Rathad Dhun Bheagain ann am Port Rìgh.

Thugar rabhadh seachad gur dòcha gun reic a' chomhairle an talamh a-nis ri linn, agus - ma dh'fhaoidhte - gun tig iarrtas taigheadais eile bho chompanaidh phrìobhaideach.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.