Buannachd do bhaile Mhaghlinn à Burns

Tha baile ann an Siorrachd Àir an Ear airson buannachd eaconamach às ùr fhaighinn às a cheangal a th' aca le Raibeart Burns.

Bha Burns a' fuireach ann am Maghlinn, no Mauchline, nuair a sgrìobh e feadhainn dha na dàin a b' ainmeile a rinn e - To a Mouse agus Holy Willie's Prayer nam measg.

Tha am baile a-nis air maoineachadh ùr luach còrr is £1m fhaighinn airson làraichean eachdraidheil a' bhaile a' leasachadh. Tha Ruairidh MacIomhair ag aithris