Naidheachdan 11:00m

Tha saoghal a' bhuill-choise a' caoidh seann sgiobair agus manaidsear Celtic, Billy MacNèill, a chaochail a-raoir. Bha e 79 agus bha air a bhith a' fulang bho chionn ùine le dementia. 'S e a' chiad Bhreatannach riamh a thog Cupa na h-Eòrpa, còmhla ri Celtic ann an Lisbon ann an 1967. Chluich e còrr 's ochd ceud turas do Celtic agus cha do chluich e do chlub eile ach iad. Nochd e 29 tursan cuideachd do sgioba na h-Alba. Bha e ùine na mhanaidsear aig Parkhead agus cuideachd aig Cluaidh, Obair Dheathain, Manchester City agus Aston Villa.

Tha boireannach, a tha 57, an grèim co-cheangailte ri murt na tè-naidheachd, Lyra McKee, ann an Doire an t-seachdain seo chaidh. Dh'aidich a' bhuidheann New IRA gur iad a mharbh i ach thuirt iad ri a teaghlach gu bheil iad duilich agus nach ann oirre a bha iad ag amas.

Tha là de chaoidh nàiseanta ann an Sri Lanka dhan chòrr agus 300 a chaill am beatha sna h-ionnsaighean bom air bhòn-dè. Tha mòran de na tiodhlaigaidhean a' dol air adhart an-diugh agus chaidh stait èiginn a ghairm air eagal 's gum faodadh ionnsaighean eile a bhith ann.

Tòisichidh na còmhraidhean Bhrexit as ùr feasgar an-diugh eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus na Làbaraich. Tha dùil gun toir Nicola Sturgeon aithris do Phàrlamaid Holyrood a-màireach mu shuidheachadh poilitigeach na h-Alba agus co-labhairt an earraich aig an SNP a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann Disathairne.

Bha beagan nas lugha de dh'eucoir le gunnaichean ann an Alba an-uiridh a rèir nam figearan as ùire. Bha an àireamh sìos 1%, gu 348, an àireamh as lugha bho thòisich clàradh ann an 1980. Bha an àireamh chùisean far an do rinn gunna leòn neo bàs sìos cuideachd gu 41 eadar 2017-18.

Thèid feuchainn ri dotair pàirt-ùine agus nurs pàirt-ùine a chur ann an sgìre Ghleann Eilg agus Àrnasdail. Bhiodh an uairsin dà dhotair, aonan làn-uine agus aonan pairt-ùine, agus nurs pàirt-ùine ann, rud a tha a' choimearsnachd air a bhith ag iarraidh bho chionn fhada. Dh'aidich Cathraiche Eadar-amail Bhòrd Slàinte na Gaidealtachd, Boyd Robasdan, gu bheil e air bhith doirbh dreuchdan den t-seòrsa sin a lìonadh ron seo ach thuirt e bheil iad nas dòchasaiche gun soirbhich leotha an turas seo.