BBC Naidheachdan

Dotair ùr gu bhith an Gleann Eilg

Thèid feuchainn ri dotair pàirt ùine agus nurs pàirt-ùine a stèidheachadh ann an sgire Ghleann Eilg agus Àrnasdail.

Bhiodh an uairsin dà dhotair, aon làn-uine agus aon pairt-ùine, agus nurs pàirt-ùine anns an sgìre, mar a tha a' choimhearsnachd air iarraidh bho chionn fhada.

Ach dh'aidich Cathraiche Eadar-amail Bòrd na Slàinte na Gaidealtachd, Boyd Robasdan, gur dòcha gum bi e doirbh na dreuchdan ùra seo a' lìonadh.

Tha an aithris seo aig Eileen NicDhòmhnaill.