Naidheachdan 11:00m

Bheir Nicola Sturgeon aithris do Phàrlamaid na h-Alba feasgar air a planaichean a thaobh referendum 'son neo-eisimeileachd. Chan eil dùil gun ainmich i là airson referendum ach bidh fiosrachadh aice air ullachadh 'son Brexit. Tha na Tòraidhean ann an Alba a' fàgail air Ms Sturgeon nach eil guth aice air dad ach neo-eisimeileachd agus gu bheil gnothaichean eile na dùthcha a' fulaing.

Dh'aontaich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cùmhnant leis a' chompanaidh Shìonach Huawei 'son lìonra 5G Bhreatainn a dh'aindeoin agus gun do thog ministearan sa chaibineat, agus na Stàitean Aonaichte, dragh mu thèarainteachd. Thuirt an Riaghaltas nach bi cead aig Huawei ach air stuth nach eil bunaiteach agus nach bi gnothach aca ris an innleachd as cudromaiche.

Thuirt oifigich ann an Sri Lanka gu robh fear de na bomairean fèin-mhairbhteach a rinn na h-ionnsaighean air Dòmhnach na Càisge na oileanach ann am Breatainn aig aon àm. Thuirt na h-oifigich gur aithne dhaibh ochdnar den naoinear a rinn na h-ionnsaighean. Tha an àireamh a chaill am beatha air èirigh gu trì cheud leth cheud agus a naoi.

Bidh tiodhlaigeadh Lyra McKee ann am Beal Feairst feasgar an-diugh. Chaill an tè-naidheachd, a bha 29, a beatha nuair a loisg an New IRA oirre aig aimhreit ann an Doire Diardaoin seo chaidh. Bidh Theresa May, ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, agus an Taoiseach, Leo Varadkar, am measg na bhios aig an t-seirbheis.

Tha dùil ri dearbhadh an-diugh gu bheil bradan fiadhaich air aibhnichean na h-Alba air crìonadh dhan ìre as lugha bho thòisich clàradh ann an 1952. Thuirt a' bhuidheann e tha a' stiùireadh an iasgaich sin, Fisheries Management Scotland, gu bheil stoc an àisg ann an èiginn. Thuirt ministearan an riaghaltais gun dèan iad an dìcheall dìon a chur air a' bhradan fhiadhaich.

Tha fear a tha 28 bliadhna de dh'aois an grèim an dèidh tachartas ann an Baile Mhuileann an Leighis air iomall Inbhir Nis sa mhadainn. Chaidh na polais a ghairm gu dachaigh sa sgìre aig trì uairean sa mhadainn. Tha Rathad nan Innseagan fosgailte a-rithist an dèidh a bhith dùinte do thrafaig.