Slighe coiseachd ùr san Eilean Sgitheanach

Dh'fhosgail slighe-coiseachd ùr an-diugh san Eilean Sgitheanach mar phàirt de phròiseact a tha a' cruthachadh agus ag ùrachadh slighean ann an ear-thuath an eilein.

'S e Urras an Taobh Sear a th' air cùl na h-iomairt a tha ag amas air goireasan air a' bhlàr a-muigh a' leasachadh do mhuinntir an àite agus do luchd-turais.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.