Chan eil sgioba aig Comann Srath Chura air an t-seusan seo
Cho-dhùin Comann Camanachd Sgìre Shrath Chura gun cùm iad orra a' strì gus an sgioba a chumail a' dol ged nach bi iad a' cluiche ann am farpaisean air an t-seasan seo.
Às dèidh coinneimh Dimàirt, thàinig am beachd a bhith ag obrachadh nas dlùithe le sgoiltean na sgìre, ach dh'fhaodadh gum bi aca ri tighinn còmhla le sgioba eile san ùine a tha romhainn.