Na Sgitheanaich is Bàideanach gus farpais a-rithist
Coinnichidh an dà sgioba as làidire ann an camanachd nam ban Didòmhnaich gus dearbhadh cò as fheàrr.
An dèidh seusan na lìge a chluich, chan eil dad eadar na Sgitheanaich agus Bàideanach is feum air play-off.
Bhuannaich na Sgitheanaich Cupa Valerie Fhriseil nuair a choinnich iad nas tràithe air an t-samhradh, agus tha iad air geama an urra a bhuannachadh an aghaidh a chèile san lìog.
Tha Ùisdean MacIllinnein a' toirt sùil air adhart.