"Taic a dhìth" air taighean-spadaidh beaga

Bu chòir dèiligeadh ri taighean-spadaidh beaga ionadail anns an aon dòigh 's a thathas a' coimhead ri cidheachan agus calaidhean a thaobh taic-airgid leantainnteach fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Sin beachd Stiùiriche Taigh-spadaidh Mhuile & Eilean Ìdhe, Flora Corbett.

Tha i ag ràdh gu bheil na taighean-spadaidh beaga glè chudromach do thuathanaich 's croitearan - ach cuideachd airson maith nam beathaichean fhèin.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.